Episodi

  • Oideas, 4.5 Shona NicCarmaig
    Oct 29 2025
    Sa phrògram seo tha Shona NicCarmaig ag innse do Gwen mu a slighe ann foghlam: an togail a fhuair i san Eilean Sgitheanach, mun ùidh aice ann ceòl, agus mu cho cudromach sa tha e dhì gun do rinn i diofar a’ choireigin do bheatha sgoilearan. Tha i cuideachd a’ bruidhinn mun ùine aice aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a bhith ag atharrachadh obraichean, agus a bhith aig stiùir a’ chùrsa teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha cuid dheth na tha nochdadh sa chòmhradh sin ri leughadh an seo: Ionad Sàr-Mhathais ann an Teagasg https://www.smo.uhi.ac.uk/ionad-airson-sar-mhathais-ann-an-teagasg/?lang=en https://www.tes.com/magazine/news/general/centre-for-teaching-excellence-will-be-shaped-teachers https://www.gla.ac.uk/research/az/teaching-excellence/gaelichome/aboutcftegaelic/ 3mh Àite sa Rìoghachd Aonaichte https://www.smo.uhi.ac.uk/ceum-teagaisg-an-t-sabhail-san-treas-aite-san-rioghachd-aonaichte/?lang=en Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    Mostra di più Mostra meno
    Meno di 1 minuto
  • Oideas, 4.4 Christine NicLeoid
    Oct 14 2025
    Sa phrògram seo, tha Gwen a’ còmhradh ri Christine NicLeoid mun obair mhòr a rinn ann am foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Bha Christine an sàs aig ìre na bun-sgoile agus ann a bhith ag oideachadh phàistean ron a’ sgoil. Chunnaic i fàs mòr ann àireamhan agus iomadh atharrachadh. Ach, mar a tha i ag innse do Gwen, bha sgeulachdan agus dualchas nan Gàidheal aig cridhe a teagasg tron ùine sin. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod Pròiseact aig Christine, Sgeulachdan bhon Taobh Siar: https://www.feisean.org/en/beairteas-b/
    Mostra di più Mostra meno
    35 min
  • Oideas, 4.3 Aonghas Iain Dòmhnallach
    Oct 1 2025
    An turas seo tha Gwen a’ còmhradh ri Aonghas Iain Dòmhnallach mu na làithean sgoile aige, an t-àm aige a' teagasg, agus an obair mhòr a rinn e aig Stòrlann. 'S ann a Uibhist a Tuath a tha Aonghas Iain ach chur e seachad a mhòr chuid de bheatha obrach a’ teagasg aig Àrd-sgoil Phort Rìgh. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    Mostra di più Mostra meno
    47 min
  • Oideas, 4.2 Catriona Nic a’ Phì
    Sep 17 2025
    Fàilte gu Oideas Sreath 4, prògram 2. ‘S a phrògram seo tha Catriona Nic a’ Phì, tidsear Gàidhlig agus cruinn-eòlas ann an Inbhir Nis. B i Catriona tè dhe na thidsearan àrd-sgoil aig Gwen. Ann an còmhradh blàth, tha iad a’ coimhead air ais ar na laithean sin, a’ còmhradh mun t-slighe aig Catriona le Gàidhlig agus teagasg, agus a’ bruidhinn mu na dòighean as fheàrr cuspair a chumail ri clas nuair nach eil a’ chainnt aca gu nàdarra. Chaidh seo a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh a mhaoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod Comann Luchd-teagaisg na h-àrd-sgoil https://clasalba.org/
    Mostra di più Mostra meno
    37 min
  • Oideas, 4.1 Donalda McComb
    Sep 3 2025
    Failte air ais gu Oideas. Seo a’ chiad phrògram le Donalda McComb, seann cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha i fhèin agus Gwen a’ còmhradh mu a slighe ann am foghlam, an t-àm aice mar cheannard agus na dùbhlain a tha nochdadh nuair nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de phàrantan. Abair diofar a tha i air a dhèanamh agus abair còmhradh inntinneach. Chaidh am prògram a chlàradh is a ghearradh le Telt Media. Chaidh am maoineachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Cuimhnich gu bheil an agallamh slàn cuideachd ri fhaicinn air YouTube. https://www.youtube.com/@OideasPod
    Mostra di più Mostra meno
    58 min
  • Oideas, Sreath 4 – Blasad!
    Aug 28 2025
    Fàilte air ais gu Oideas. Tha sreath 4 cha mhòr oirnn. An turas seo, tha sinn air a bhith bruidhinn ri seòid - daoine a tha air a bhith sàs le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bhon fhìor thoiseach. Bidh a’ chiad phrògram a-mach Diciadain 3 Sultain le Donalda McComb. Agus an turas seo, tha na programan air fad ri fhaotainn air YouTube. Sgrùd airson Oideas agus lean sinn an sin.
    Mostra di più Mostra meno
    Meno di 1 minuto
  • Oideas 3.6 Wilma NicUalraig
    Jun 5 2024
    An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig. Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo: https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/ Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/ Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan!
    Mostra di più Mostra meno
    46 min
  • Oideas 3.5 Lesley Hayes
    May 22 2024
    Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig. Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
    Mostra di più Mostra meno
    32 min